Chaidh Biorachan Beag is Biorachan Mór a-mach do’n choille, a bhuain chnothan… ach cha sguireadh Biorachan Beag gan ithe! Bha Biorachan Mór ag amas air leasan a theagasg dha a charaid gionach, sanntach, agus sin mar a thòisich sreath de bhuilean gun dùil. Air aon àm bha an sgeulachd air tè den fheadhainn a b’ ainmeile do chloinn air feadh na Gàidhealtachd, bho Alba gu Eilean Cheap Bhreatainn, Alba Nuadh. Rinn dealbhadair Eimilidh Dhòmhnallach dealbhan ùr, tarraingeach do theacsa traidiseanta an sgeulachd, ga shealltainn dhuinn mar a bhiodh e air tachairt air an eilean san 19mh linn.