Bha deagh bhaile aig Luran. Bha beothaichan aige—crodh, caoraich, agus eich. Agus bha deagh bhàta aige cuideachd. Ach bha aon rud ga bhoidreagadh: bha na sìtheanaich a’ tighinn a h-uile oidhche ’s bha iad a’ goid na beothaichean aige! Cha robh fhios aige dè dhèanadh e. Ach latha dhe na lathaichean a bha e ag iasgach, thàinig maighdeann-mhara dhan bhàta…